Làrach-lìn Iain Mac an t-Sleaghaire

CEUD MÌLE FÀILTE!

Tha mi léigh agus tha mi ag obair mar oifeagach-taighe ann an roinn leighis an Ospadail South Cleveland an Middlesbrough.

Oideachas

Bheachdaich mi eòlas-leighis ann an sgoil leigheal an Oilthigh a' Chaisteil Nuaidh bho'n Dàmhair 1994 gu'n Òg-Mhìos 1999.

An làthair a bha mi aig an oilthigh, dh'fhuirich mi an Sgoil Abingdon bho'n t-Sultainn 1987 gu'n Mhàigh 1994, agus fhuair mi A-Level anns a' cheimiceachd, an nàdur-fheallsanachd, a' mhatamataic agus a' Ghearmailt.

Anns an t-Sultainn 1992 choisinn mi sgoilearachd a dhol gu'n sgoil-gràmar Ratsgymnasium an Bielefeld anns a' Ghearmailt fad dhà mhìos.

Bha mi sgoilear aig a' bhun-sgoil Marcham ann an sgìre Ath Daimh bho'n Ghiblean 1981 gu'n Iuchar 1987.

Ùidhean

Tha mi a' dannsadh agus a' rannsachadh danns a' chlaidheimh "rapper" às ear-thuath na Sasainne. Tha mi ball sgioba-dannsa Newcastle Kingsmen agus tha mi a' gléidheadh The NUT on the Net, làraich-lìn ràitheachain danns a' chlaidheimh rapper.

Tha ùidh agam anns an dealbh-thogail, anns a' Ghàidhlig, agus anns na poileataic is deasbaireachd cuideachd.

AIESEC

Is eagrachadh toileach eadar-nàiseanta malairt nan oileanach AIESEC. Tha 75,000 buill ann na 85 dùthchannan aig AIESEC, a tha a' feuchainn ri brosnachadh na tuigse agus co-oibreachadh culturach is eadar-nàiseanta.

Bha mi ball na h-AIESEC bho'n Ghearran 1995 gu'n Òg-Mhìos 1998. Anns a' chiad àite bha mi ball, agus an déidh sin bha mi iar-cheann-suidhe nam malairt, anns a' chomataidh ionadail AIESEC a' Chaisteil Nuaidh.

Anns an Iuchar 1996 dh'fhas mi ball Sgioba Dùchasail Taice AIESEC na Rìoghachd Aonaichte mar fear-riaghlaidh teicneolas-fiosrachaidh.

Bha mi cuideachd ball sgioba-stiùireaidh a' phrògram eadar-nàiseanta teicneolas-fiosrachaidh Insight agus bha mi fear-riaghlaidh nan liosta féin-ghluasadacha roinne phuist dhealanaich eadar-nàiseanta na h-AIESEC, bho'n Iuchar 1996 gu'n Iuchar 1998.

Aonadh nan Oileanach

Bha mi fear-cathrach na Comhairle-Aonaidh ann an aonadh nan oileanach aig Oilthigh a' Chaisteil Nuaidh bho'n Lùnasdal 1996 gu'n Lùnasdal 1997, bha mi Comhairliche-Aonaidh anns an roimh-bhliadhna, agus bha mi fear-cathrach na comataidh reachdail anns na dhà bhliadhna.

Deasbaireachd

Bha mi ball agus oifeagach eadar-cheangal Comann Deasbaireachd Aonadh a' Chaisteil Nuaidh bho'n t-Samhainn 1994 gu'n Iuchar 1996.

Bha mi ball comann deasbaireachd an sgoil Abingdon bho'n Mhàigh 1991 gu'n Mhàigh 1994, agus bha mi rùnaire a' chomainn bho'n Màirt 1993 gu'n Màirt 1994.



Post dealanach: J.F.Asher@ncl.ac.uk
Ùraichte mu dheireamh: 5 na Lùnasdal 1999
URL: http://www.oocities.org/~johnasher/
Dlighe-sgrìobhaidh © 1998-1999 John Asher.